Na BP is na Morairean

Tha na BP agus na Morairean ag obair taobh a-staigh is taobh a-muigh na Pàrlamaid - tha an earrann seo a' mìneachadh dè na diofar dreuchdan is uallaichean a tha aca a chum a' phobaill.

Dè nì BP?
Bidh poball na RA a' taghadh Buill Pàrlamaid (BP) agus bidh na BP a' riochdachadh an suimeannan is an cùraman ann an Taigh nan Cumantan.

Mar a thèid na BP an taghadh
Bidh a h-uile neach ann an roinn-Phàrlamaid (an luchd-bhòtaidh) aig a bheil cead bhòtaidh a' toirt aonta do thagraiche airson a bhith 'na BP dhaibh.

Cò sheasas mar BP?
Feumaidh daoine a tha ag iarraidh seasamh mar BP a bhith os cionn 21 a dh'aois, 'na s(h)aoranach Bhreatainn no saoranach dùthaich a' Cho-fhlaitheis no Poblachd na h-àˆireann.

Dèan conaltradh ri do BP
Tha seòlaidhean poblach aig na BP gun urrainn don luchd-taghaidh aca conaltradh a dhèanamh riutha.

Cuin a nì mi conaltradh ri mo BP?
Tha cead aig a h-uile neach conaltradh a dhèanamh rim BP ionadail a thaobh chùisean a tha a' toirt buaidh orra.

Dè nì mo BP air mo shon?
'S urrainn do BP an luchd-taghaidh a chuideachadh air iomadh dòigh, eadar lorg fiosrachaidh air do shon is togail chùisean gu poblach ann an Taigh nan Cumantan.

Tuarastal is cuibhreann nam BP
'S e £60,675 an tuarastal bliadhnail a gheibh BP aig an à m seo. 'S urrainn do na BP cuibhreann a bharrachd iarraidh cuideachd.

A' togail adhbhar anns an Taigh
'S urrainn do BP aire nam meadhanan is a' phobaill a tharraing gu adhbhar le bhith 'ga thogail ann an Taigh nan Cumantan.

Dè nì na Morairean?
Bidh na Morairean ag obair ann an dàrna seòmar na Pàrlamaid - Taigh nam Morairean - is a' cur ri is ag obair ri taobh na nì Taigh nan Cumantan.

Morairean eadar-dhealaichte
Tha timcheall air 750 Buill gu làithreach anns na Morairean, agus tha ceithir seòrsan dhiubh ann: morairean beatha, Morairean an Lagha, easbuigean agus morairean oighre taghte.

Morairean an Lagha
Tha Morairean an Lagha nam breitheamhan là n-thìde a tha air leth fiosrachail, agus a nì obair breithneachaidh Taigh nam Morairean: a' chùirt tagraidh as àirde san RA.

Ciamar a thèid thu 'nad Bhall de Thaigh nam Morairean
Tha iomadh slighe ann a-nis air an urrainn do Bhuill a dhol an sà s ann an Taigh nam Morairean.

Dèan conaltradh ri Morair
Tha na Morairean a' cur fàilte air conaltradh on phoball.

Dè an tiotal a chleachdas mi airson Morair?
An treòrachadh againn air mar a sgrìobhas tu litir gu Buill Taigh nam Morairean.

Pàrtaidhean poileataigeach anns a' Phàrlamaid
Tha iomadh pàrtaidh poileataigeach anns an RA, agus 's e na Là baraich, na Tòraidhean is na Libearalaich Dheamocratach na prìomh phàrtaidhean. Nì na trì dhiubh obair anns an dà Thaigh.

Siostam nam pàrtaidhean
Tha gu ìre bhig a h-uile BP a' riochdachadh pàrtaidh poileataigeach. Tha Buill nam Morairean air an roinneadh a-rèir pàrtaidh cuideachd; ge-tà , chan eil Buill nam Morairean a' riochdachadh sgìre-Phàrlamaid agus tha torr ann nach eil 'nam ball ann am pàrtaidh poileataigeach.

Bun-tomhasan
'S cubhaidh do an dà chuid na BP is Buill Taigh nam Morairean gèilleadh ri bun-tomhasan àrda 'nam beatha poblach.